Sgrùdadh Choilltean Gnèitheach na h-Alba

Tha e cudromach gun tèid coilltean gnèitheach na h-Alba a ghlèidheadh agus a leasachadh airson caochladh bhuaidhean glèidhteachais, dualchais agus eaconamach a tha nan lùib. Gheibhear sna coilltean seo pailteas de bhith-iomadachd agus cuid mhath dhe na h-àrainnean agus gnèithean as motha air a bheil feum air dìon.

Tha briseadh agus sgapadh nan cunnartan mòra don bheartas bith-iomadachd a lorgas annta agus na gnèithean a tha nan eisimeil. Airson is gun tèid obair-dhìon iomchaidh a chur an gnìomh, feumas tuigse gu h-iomlan a bhi ann air gnè agus meud an fhearainn chudromaich dhen t-seòrsa seo.

Is ceann-amas Sgrùdadh Choilltean Gnèitheach na h-Alba ach dearbhadh ghnè, co-mhisgeachd agus cor nan coilltean gnèitheach, coilltean faisg-gnèitheach agus coilltean planntachais air seann làraichean choilltean (PAWS), anns a bheil co-dhiù 0.5ha, ach an tèid mapa choilltean a chruthachadh le ceangal ri clàr sgìrean-dàta.

Geàrr-chunntas

Anns na linntean às dèidh Linn na Deighe, bha a' chuid as motha de dh'Alba ga còmhdachadh le coilltean dùthchasach. Chrìon iad, ge-tà, thar nam mìltean de bhliadhnachan tro dhaoine a bhith gan cleachdadh ann an dòighean neo-sheasmhach, agus ri linn atharraichean sa ghnàth-shìde

Thathas air mòran a dhèanamh thairis air na 25 bliadhnachan mu dheireadh a' dìon, a' leasachadh agus ag ath-leasachadh nan coilltean dùthchasach a tha air fhàgail. Rinneadh Sgrùdadh air Fearann-coillteach Dùthchasach na h-Alba (NWSS) eadar 2006 is 2013 gus eòlas ceart a bhith againn air fìor staid choilltean na h-Alba. Rinneadh sgrùdadh a-muigh sna coilltean fhèin a' dearbhadh làraichean, ghnèithean, meud, staid agus an seòrsa chraobhan a lorgas sna coilltean dùthchasach - no an ìre mhath dùthchasach - air na seann làraichean choilltean (PAWS) san robh co-dhiù 0.5ha de mheud. Thug an sgrùdadh seo dhuinn tuigse is eòlas air staid nan coilltean a chum mothachadh agus measadh a dhèanamh air na h-atharraichean a thig orra san àm ri teachd.

Tha an aithisg a' toirt dhuinn sealladh nàiseanta air toraidhean an sgrùdaidh; le molaidhean a thaobh nan diofar dhòighean - aig diofar ìrean - sam b' urrainn an dàta seo ga chur gu feum. Tha FCS ag amais air obair ann an com-pàirt le buidhnean eile gus na molaidhean a thoirt gu buil.

B' e meud fearainn-choilltich ann an Alba, a rèir sgrùdaidh NWSS 311,153 ha; 22.5% de dh'fhearann-coillteach na dùthcha gu lèir (aig Màrt 2011) no 4% de dh'Alba. Tha am figear seo eadar na diofar thuairmsean a rinneadh roimhe.

A' dèanamh coimeas eadar toraidhean an sgrùdaidh seo agus na cunntasan a th' againn air coilltean aosmhor Alba ('Ancient Woodland Inventory') tha e a' tighinn am follais gu bheileas air mòran a chall thairis air an dà fhichead bliadhna a dh'aom am measg nan coilltean air talamh àrd, ach chan eileas ach air glè bheag a chall ri linn leasachaidh no chleachdaidhean fearainn eile. Feumas tuilleadh obrach a dhèanamh mas bi dearbhadh againn air na thathas air a chall agus carson.

Tha coilltean dùthchasach Alba gam meas ann an staid mheadhanach math le 46% den fhearann-choillteach ann an staid reusanta math a thaobh bith-iomadachd. Chan fheum sa chòir dhiubh, ge-tà, ach dèiligeadh ri aon dùbhlan mòr ach an toirear gu staid reusanta math iad. Is i a' bhagairt as motha ach beathaichean a bhios ag ithe is ag ionaltradh air lusan. Tha lusan air thighinn a-steach leithid Rhododendron ponticum agus craobhan neo-dhùthchasach nan cunnartan ro eag-shiostaman ann an cuid de choilltean; le bagairtean a bharrachd an lùib atharraichean sa ghnàth-shìde, phlàighean is ghalaran ùra.

Ged a tha mòran ga dhèanamh a chum coilltean dùthchasach a chur às ùr agus an toirt air ais, tha an aithisg a' ruigsinn a' cho-dhùnaidh nach eileas a' dèanamh gu leòr fhathast gus na coilltean a chur ann an staid a bhios dha-rìribh seasmhach thairis air an fhad-ùine.

Tro a bhith a' leasachadh nithean leithid feartan leth-nàdarra agus chraobhan dùthchasach am measg cheann-bhrat choilltean aig gach ìre, bu chòir dha seo cuideachadh a thoirt dha eag-shiostaman choilltean a chum a bhith nas treasa agus nas seasmhaiche; le ath-bheothachadh a' tachairt a tha nas sgapte, eadar-mheasgaichte agus nas motha.

Tha an NWSS air dearbhadh staid nan coilltean againn, rud a bhios na bhun-stèidh dhuinne agus sinn a' measadh atharraichean san àm ri teachd, agus 's dòcha gum b' fhiach e coimhead ri sgrùdadh eile an ceann 10-15 bliadhna co-dhiù am measg phàirtean de na coilltean.

Comhairle nan Eilean Siar (PDF 2.4Mb)

Gheibhear aithisg sgìre Chomhairle nan Eilean Siar air na duilleagan aithisgean NWSS air an làraich-lìn seo cuideachd.